Skip to main content

Full text of "D, "air fradh nan Gdheal""

See other formats


I 





■ 



. 37/f. 



National Library of Scotland 

ll|l|lll||H 



Vj*** ^ ■ ^/ 

^2 ^-^L^^ Ui-&*u^ t / /Z/p-yj 
S/^> - ^ A 

/£) ^eafe $/L j ^>l X,/, J_ 

/-z^ /ò «. /f-c/t. c// ' /0 1 ^ > f /s*/^/ 
//< ^^ 7 ^/ui fc^^^/i </ 

cP& ^-c /l^ £)-r/^« 9^£ *h ì/ ^ r 

2 S^ ^ t /sp£ 





Digitized by 


the Internet Archive 








in 2013 







http://archive.org/details/dairfradhnangdhe1857munr 



DÀN, 

" AIR FÒGRADH NAN GÀIDHEAL." 

LE SEUMAS MUNRO, 
ma'istir-sgoile sgire chillmonibhaig. 

[AN DAN A'S FEAER A CHUIREADH A-STIGH GU 
COMUNN GAIDHEALACH DHUN - EIDIN AIG 
DEUCHAINN NA BLIADHNA MDCCCLYII.J 



AN DAKA A H-AON. 

LE FEARCHAR DOMHNULLACH, 

'an loch-aillse. 



DUN-EIDION: 
CLOBHUAILTE AIR SON A' CHOMUINN, 
LE EOIN LINDSAY, 
(DEAS) SRAID NA DROCHAIT. 

MDCCCLVII. 



LAURiSTOKCASTU 
tJBRARY ACCESSfUI* 



AIR FOGBADH NAN GAIDHEAL. 



Fonn — Iorram na Truaighe. 

" A Mhic-talla ua G-àidhìteachd, 
Ciod a's fàth so do'n ghàir 'tha 'sa' Ghleann ? 
Cluinneam ciùcharan phàistean 
Agns ochanaich mhà'irichean ann ; 
Reachdraich dhaoine fo àmhghar, 
Caoidhrean ògan 'us àilleagan fann ; — 
Leam is tiamhaidh 'cho'-ghàirich 
'Tha a' taomadh àd' àros 's an àm I" 

' Tha thu d' choigreach 's na Gleanntaibh, 

'Fliir 'tha 'ceasnachadh Seann-ghuth nan càrnn. 

No cha b'fhàth dhuit 'bhi feòraich 

Ciod a's aobhar do m' chò'-ghair-s' an trà s' ; 

Tha Luchd-dùchais na Tìre 

'S iad 'gam fògairt à ìnnsibh àn gràidh ! 

'N diugh tha'n Gleann so 'ga sgaoileadh, — 

Agus sin a's ceann-aobhair do'n ghàir ! 

1 'S e 'bhi 'g ai'ris gach còmhraidh 

'Thig am' charabh is dògh dhomh o thùs, 

Ach tha m'aigne fo dhòlas 

A bhi 'g ai'ris air bròn mo luchd-dùch ; 

Rànaich naoidheanan òga, 

Tùrsa sheann mhnathan breòite gun sùrd. 

Cnead nan sean fhear fo dhòruinn, 

Agus ospail a' chròilein gun lùs ! 



2 



' Gu'n robh m'ath-sgal neo-aobhaidh • 
'Nàm. 'bhi 'g ai'ris na gaoire 'bha Tuath, 
Agus aitreibh 'g'àn sgaoileadh 
'Us an lasair 'na caoiribh m' àn stuaidh ! 
Tailmrich shaighdear 'us mhaora, 
Braghail chabar 'us thaobhan am' chluais, 
Donnal chon,-mar ri caoineadh 

Nam panal falt-sgaoilte gun tuar ! 32 

4 ! cha b'ionann 's na fuaimean 

Sin a b'èibhinn le m' chluais ann o chèin, — 

B'iacl ceol-maidne nan gruagach, 

Mar ri ceilearadh bhuachaill, mu'n sprèidh ; 

Sgal an t-seannsaìr 'gam ghluasad 

Agus fathrum na Tuath' 'dol gu fèum, 

Moch, 'us ceò mu na cruachaibh, 

'Us an dealt air na bruachaibh fo ghrèin. 40 

£ 'Nuair a dhùisgeadh an t-Sàbaid, 

Dh' èisdinn cliù as gaeh fàrdaich 'dol suas, 

A' toirt molaidh do'n Ard-righ, — 

Agus dh'ai'risinn, tlàth, air an fhuaim, 

'S air na h-ùrnuighibh dìomhair 

'Dheant', gu h-ùmhlaidh, aig ìochdar nam bruach, 

No fo sgàile nan craobha 

'Bhiodh ag aomadh ri taobh nan sruth buan. 48 

'S na'm biodh Càs ag cur campair 
Air an Dùthaich, no 'm Frangach ri strìth, 
Dh'èireadh sluagh as na Gleanntaibh 
Anns an àm ud, a chambach mu'n Rìgh, 
'S sin air iarrtas nan uachd'ran 
'Tha a nise 'gam fuadach à 'n glìnn, 
Chionn, le Gionach na Buannachd, 
Gur h-annsa na sluagh leotha Nì ! 56 



3 



' Sid dol roinn de na Triatkaibh 

A rinu liansgradh o'n t-siol a bha ann, 

'Meas na Tuath ; niar shliochd diolain, 

*Us 'garo fuadach gu h-iargalt o'n raun : 

Cha' n-eil dìdionn no fìalachd 

Tlus 'us ceanal nan riaghlar ach gann ; 

'Righ ! cha b'ionann o chian so, 

'Xuair bha 'Thuath aig gach Triath mar a' chlann. 64 

1 Anaghaol sòigh agus niearchais, 

3Iar ri mòr-chuis 'us aintheas 'us pròis, 

Chuir na Fearainn 'an ainfhiach, 

Agus b'èudar an cearbadh air òr : 

'X luchd-lagh' 'chaidh 'gan teanchdadh. 

Mar bu nòs, chuir àn anacheart 'am mòid, 

Gus am b'èiginn "uji sealbhan' ; 

Uile 'mhalairt aii airgead ua ròic I ~>- 

1 So rinu fàsaichean taoine, 

Loni, guu àiteach gun daoine, 's an Fhonn 

'San robh dillseachd 'us daondachd 

Ann an cònuidhibh faoilidh nan sonn : — 

'Sj far am buainteadh na raointean, 

'S cianail mèilich nan caorach ceann-lom 

'N ionad dhuanagan gaolach 

Nan gi-uagach a b'aobhaiche fonn ! 80 

1 So rinn cònard 'us garbhlach, 

Le ain-dlighe, a thoirmeasg do chloinn 

Sin nan sàr-churaidh garga 

'Chùm Triatha nan G-arbh-chrioch 'nàn greim 

Le trèun-chalmachd àn gàirdean, 

'Us nach d'àraich aon àm orra foill ! — 

'S truagh an diugh leam gu'n d' fhàgadh 

An iarmad air fàrsan, gun sgoinn ! 88 



4 



' Ach, na'n tòirleamadh Baoghal 

'Nuas, a bhagradh nam fraoch-bheann 's nam frìth, 

Bhiodh na Maithean ud faondrach, 

'Us àn Cabraich 's àn Caoraich gun bhrìgh, 

Ach gu lòn do na nàimhdean 

A ghrad-chìosnadh, gun taing dhoibh, an Tìr, 

'S luchd a sheasamh na h-àr'aich 

('S do'm bu ghnàthach buaidh-làrach) d'an dìth. 96 

' Tha mo chlann-sa mu'ncuairt domh, 

'S tha mi 'faotainn sgeòil uapa, mar thà 

Cùisean làimh-riu a' gluasad 

Anns na glinn anns an dual dhoibh 'bhi 'tàmh ; 

Tha mòr-chliù air Triath Chluainidh, 

Chionn e 'ghleidheadh an dualchais mar bhà, 

'S nach do chuir e air fuadach 

Aon teaghlach de*n t-sluagh 'tha f'a sgàth. 104 

'S ion bhi 'g iomradh mar chòmhla 
Air cliù Mhic an Tòisich a' Bhràigh, 
'S Mhic ic Eòghain nam mòr-chruàch 
Nach do fhògair àn slòigh as àn àit ; 
Cliù Mhic Shimi na h-Airde, 
Agus cliù Mhic ic Phàdruic tha sàr ; — 
'S bi'dh am brataich-san làidir 

An uair a bhios fàilinn air Càch ! L12 

'S ion 'bhi luaidh, mar an cèudna, 

('Us bu diùbhail mur èight' e 'san uair) 

G-u'm bi Comunn na Fèile 

Còmhla, cruinn 'an Dun-èidion gu luath, 

'Chumail ciùil agus èideidh 

Agus cainnte nan slèibhtean a-suas ; — 

G-u'n robh cliù agus èibhneas 

A mhaireas gach rè, dhoibh mar dhuais!' 120 



GRÀI, 

AIR FOGBADH NAN GAIDHEAL 
A TIR NAN ARD-BHEANN. 

LE FEARACHAR DOMHNULLACH. 



Air Fonn — " Tha mise fo mhulad 's an am." 

'S fior airidh air beannachd nam bàrd, 

Deagh Chomunn nan àrmunn fial, 
A bheothaich gach cleachdadh, a's gnàths, 

A bha aig na Gàidheil riamh, 
On 's toileach leoth' fhaicinn an dàn, 

Mar sgapadh 's gach ceàrn an siol, 
Nior mheal mi ìdir mo shlàinnt, 

Mar cuir mi gun dàil e sios. 

Na Gàidheil bha ainmeil 's gach linn, 

Gu seasamh an rìgh, 's a chòir, 
'Stric dhearbh iad le'n armaibh 's an strì, 

Nach faighte fo chìs an seors ; 
'Nàm eiridh na 'n eideadh gu grinn, 

Le torman nam piob, fo shròl, 
'Siad thilleadh mar bhuinne na stìll, 

Na thigeadh le spìd na 'n còir. 

Na beathraichean sgaiteach an streup, 

A choisneadh le 'n euchdan buaidh, 
An caismeachd mar thorunn bho 'n speur, 

'Nàm tarruing nan geur lann cruaidh ; 
B' aigeantach, sgairteil an ceum, 

A leantuinn an deigh na ruaig, 
'S nar philleadh iad, 'g aithris an sgeul, 

Be 'm fasan bhi eibhinn, suairc. 



6 



Reir naduir 's e thainig mu 'n cuairt, 

Gun thaisgeadh 's an uaigh na suinn, 
'S ch 'n fhaicear an sliochd far 'm bu dual, 

Ach aineamh 'measg sluaigh 'theid cruinn, 
'S ann lionadh am fearann a suas, 

Le coigrich gun truas, gun suim, 
'S gur annsa leo' mèilich nan uan, 

Na caithream bho thuath an fhuinn. 

Ghluais acaid ro ghuineach na m' chrìdh ; 

'S gur bras 'frasadh snithe bho m' shùil, 
Bi deachdadh na 's fìosrach mi fhìn, 

Mu tharruing na sgriob bha ciuirt, 
'Sliochd ghaisgeach le achdan g'am binn, 

Cuir aitreamh mu 'n cinn na smùr, 
'S ga 'n cartadh a mach as an tir, 

G-un chairid, gun nì, gun iùl. 

Bu tuirseach am muigh air an raon, 

A chunnaic mi 'n aois, 's an òig, 
Is, geurad an acain, 's an gaoir, 

Cha 'n fhaigh mi 'o m' smaoin ri m' bheò 
G-un dachaidh, gun fhasgadh bho ghaoith, 

Ach tional an taobh nam fròg, 
'Se b'eiginn bhi gabhail mu sgaoil, 

'Sa fagail nan caol fo sheòl. 

Is furasd' a thuigsinn, 's gur cinnt, 

Na th' again ri inns' na m' sgèul, 
G-ur lionmhoir trioblaid, a 's teinn, 

A choinnich riuth' 'n tiribh cèin ; 
Ce b' fheudar dhoibh dealach' ri 'n glinn, 

Tha pàirt dheth an crìdh' na 'n deigh, 
'S ged charnadh iad airgead na mhill, 

Cha leighis e mìr dheth 'n creuchd. 



ì 

On thveig iad gach fiveach, a's gleann, 

Cha 'n fhaiceav, ach Gall 's gach cùil 
Am fochaiv a chaoivich gu tvanng, 

'Se cleachdadh a chainnt r' a chù, 
Le bhveacan aiv f hilleadh m' a cheann, 

Is caogad cav cam na vùin, 
'S guv fheavv leis an t-anam a ehall, 

Na viobag bhi gann do vùsg. 

O'n dh 'imich na galsgich thav chuan, 

Cha 'n eisdeav leinn duan, na ceòl, 
Cha chluinneav caomh chailin gu suaivc, 

Ki luinneag aig buav mu chvo ; 
Cha 'n fhaiceav na fleasgaich bu dual, 

A siubhal gu vuag fìv chvòchd, 
Am beagan clhiubh sud nach do ghluais, 

'Se th' owa 'n diugli tuav a bhvòin. 

Gun d' fhagadh Mac-talla fo phvàmh, 

'S gach ionad 'n vobh àbhaist viamh, 
; S ann tha e aiv leabaidh ri bàs, 

A' cumhadh nan sàv fheav fial 
A chumadh e 'n cleachdadh gach la, 

'S do 'n d' thug e a ghvàdh, 's a mhiagh : 
Cha 'n fhiu leis an dveam tha na 'n àit, 

Cha toiv e à 'n cannvan cial. 

Ced shiublainn bho Gheavv-loch an fheòiv, 

Gu'n vuiginn an t-Oban ciav, 
Cha 'n fhaieinn Ceann-taighe aiv fhòd. 

A dh'f huivich do phòv nan Tviath ; 
An aite nan leoghann bha còiv, 

'Se th'ann an diugh seovsa fiat, 
Aivson dvochavt 's aivgead na spòig, 

A thilgeas à còir an siad. 



8 



B'e fasan, a's aiteas nan Triath, 

Bha barraich' am miagh ' am muim, 
Bhi fuileachdach, calgach na 'n triall 

A leantuinn nam fiadh 's an stùchd ; 
Bhi sachd'adh an gillean le h-iasg, 

'S toirt bhradan air fiar gu dluth ; 
Bhi oranach, coranach, gle fhial, 

'Nàm tional nan cliar gu 'n Dùin. 

'S nam b' fheudar dhoibh tachairt 's an àr, 

Cha ghabhadh iad sgàth na gruaim, 
Bha fir ac' a sheasadh an càs, 

'Sa rachadh nam pàirt le h-uaill, 
Na milidhnean colgarra, dàn ; 

A dheanadh le 'n stràchdan smuais, 
'S a ghleidheadh an reachdan bho thàir, 

Le iomairt nan stàillinn fuar. 

Ach 's mithich bhi criochn'adh mo dhàin, 

Le focal na dhà chuir sios,— 
Mo shoraidh, le durachd mo ghràidh, 

A dh'ionnsaidh gach G-aidheal fior, 
'Se m' aiteas gum bi iad a fas, 

An urram, 's an stàth gach ial, 
'S gun tionail iad fathast gu 'n àit, 

'Sgun sgapar a chàth roimh 'n t-siol.